Rachel Walker - Rathad Ièricho 歌词

Èisd rinn, Íosa, na do ghrádh
Tha do ghrádh gun chrích
Guidh ri d' athair air ar sgáth
Tha do ghrádh gun chrích
Os cionn fuaim cogaidh 's bláir
Thar gach truaigh is beud is cráidh
Seachad air cruadal is cás
Tha do ghrádh gun chrích

Neartaich sinn, do shluaigh fhéin
Tha do thrócair buan
Beó am muinntearas a chéil'
Tha do thrócair buan
Tha gach anam seo na fheum
Air do mhathas is air do mhéinn
Ionnsaich dhuinn dé th' ann bhith réidh
Tha do thrócair buan

O Íosa, bi na shráinnsear dhomh
Air rathad Iéricho
O Íosa, bi na shráinnsear dhomh
Air rathad Iéricho

Thighearna ghlórmhoir ghrásmhoir chaoin
Na cuir rinne cúl
Ged a bhiodh ar nádar claon
Na cuir rinne cúl
Líon suas gach soitheach traoight'
Soillsich dubhar gach cridhe claoidht'
Siab bhuainn smalan an t-saoghail
Na cuir rinne cúl

O Íosa, bi na shráinnsear dhomh
Air rathad Iéricho
这个歌词已经 965 次被阅读了