Mairi MacInnes - Oran Na Cloiche 歌词

Si u ro bha ho e hillium bo ha
Hillium bo ruaig thu i hillium bo ha
'S i u ro bha ho e hillium bo ha

A chlach a bha aig mo sheanamhair
'S mo sheanair oirre seanchas
Air tilleadh mar a dh'fhalbh i
Mo ghalaghad a chlach
'S gur coma leam an Cearrara
An Calasaraid no'n Calabhaigh
Cho fad's a tha i'n Albainn
Na'n garbhlaichean cas

Ga cur an aite tearmainn
A chumas i gu falachaidh
'S nach urrain nach dearg iad
Air sgealp dhith thoirt as
A chlach a chaidh a dhith oirnn
Air faighinn anns an inghain
'S gu deimhine ma thill i
Tha'n ni sin gu math

'S bha ministeir cho tursach
'Sa mhaduinn 'nuair a dhuisg e
'S prapan air a shuilean
A tionndadh am mach
E coiseachd feadh an urlar
Ag ochanaich 's ag urnaigh
'S a coimhead air a chul
Anns an do dh'ionndrainn e a chlach

Sin far robh an starachd
S an ruith air feadh an lair ann
Gun smid aige ri raitinn
Ach cait an deach a chlach
'Sa Mhoire, Mhoire mhathair
Gu de ni mise am maireach
Tha fios 'am gu'n bidh bhanriunn
A fagail a beachd

Ach rainig e na diuidich
A'burralaich 's a buirich
"Tha breitheanas a'dluthadh oirnn
Spuilleadh a'chlach"
'S bha Sasunn air a dusgadh
S an cathair air a rusgadh
S oileadhag mu na diunlaich
A ghiulain a chreach
这个歌词已经 225 次被阅读了