Maggie MacInnes - Thug Mi Gaol Do'n Fhear Bhàn 歌词

Thug mi gaol, thug mi gaol
Thug mi gaol don fhear bhàn
Agus gealladh dhutsa, luaidh
O cha dual dhomh bhith slàn

Chaidh am bàta troimh na caoil
Leis na daoine Dimàirt
'S mise phaigh am faradh daor
Bha mo ghaol air a clàr

Chunnacas long air a' chuan
'S i cur suas na seòl àrd
'Nuair a dhiùlt i dhol mun cuairt
Bha mo luaidh-s' air an t-snàmh

Bha mi bruadar an raoir
Bha mi caoimhneas mo ghràidh
'S nuair a dhùisg mi as mo shuain
Bha mi fuar falamh fàs

Bha mi deas is bha mi tuath
Bha min Cluaidh uair no dhà
Dhe na chunna mi fon ghrèin
Thug mi spèis don fhear bhàn

Cha tèid mise 'thigh a' chiùil
Thuit mo shùgradh gu làr
Bhon a chualas thusa rùin
'Bhith 's a' ghrùnnd far nach tràigh
这个歌词已经 230 次被阅读了