Maggie MacInnes - Micheal 歌词

Mile marbhaisg air na fearaibh
'Siad tha caochlaideach carach nam beul
Cha taobh iad te fhalamh
'On nach biodh aice earras dha reir
Dh'fhaodadh te bhith gun tochradh
Bhith gu siobhalta socair a beus
'S nighean bodaich le codach
Bhith gu h-ardanach droch bheulach brein

Gur e mis' tha fo mhinginn
Bho lath chuir iad an snaim air mo ghradh
Se do thuras-sa mhicheil a dh'fhag
M'aigne cho iosal gach lath
Thuirt thu rium a bhith deiseil
Gus do bhanais a sheasamh gun dail
Rinn thu rithist ath-smaointinn
'S dh'fhag sud mise nam aonar gu brath

Tha mo cheist air an armunn
Gura camlagach aluinn a ghnuis
Tha do mhais ann-ud aodann
Nach cuir duin' air an t-saoghal air chul
Ach ma rinn thu mo threigsinn
Aig gainead mo spreidh air mo chul
Mo mhile beannachd na d' dheidh
'S biodh agad na roghainnich thu

"O tha mi fhathast gun phosadh
A dh'aindeoin luchd sgeodail nam breug
Cha robh duil agam t'fhagail
Fad 's a choisichinn slan air an fheur
Fad 's dh'fhanainn mar bha mi
'S a ghleidhinn mo naire 's mo chiall
'S cha bu lugha na 'n caoch
Bheireadh orm-sa do ghaol a chuir dhiom"
这个歌词已经 827 次被阅读了