A' Chlach a bha mo sheanmhair
'S mo sheanair oirre seanchas
Air tilleadh mar a dh'fhalbh i
Mo ghalghad a' Chlach
'S gur coma leam i 'n Cearrara
An Calasraid no 'n Calbhaigh
Cho fad' 's a tha i 'n Albainn
Nan garbhlaichean cas
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Hilli um bo ruaig thu i hilli um bo ha
'S i u ro bha ho ro hilli um bo ha
Ga cur an àite tearmainn
A chumas i gu falachaidh
'S nach urrainn iad, nach dearg iad
Air sgealb dhith thoirt às
A' Chlach a chaidh a dhìth oirnn
Air faighinn às an ìnean
'S gu deimhinne, ma thill i
Tha 'n nì sin gu math
Mionnan air fear deàrnaidh
Gach màthair is mac
Nach leig sinn ann an gàbhadh
Am fear a thug à sàs i
'S a mhiontraig air a teàrnadh
À àite gum tlachd
Ma chuireas iad an làmh air
Chan fhuilear dhuinn bhith làidir
Is buill' thoirt air a thàillibh
Le stàilinn amach
'S bha 'm Ministear cho tùrsach
Sa mhadainn nuair a dhùisg e
'S praban air a shùilean
A' tionndadh amach
E coiseachd feadh an ùrlair
Ag ochanaich 's ag ùrnaigh
'S a' coimhead air a' chùil
Anns an d' ionndrainn e Chlach
Sin far robh an stàireachd
'S an ruith air feadh an làir ann
Gun smid aige ri ràidhtinn
Ach "Càit 'n deach a' Chlach?
'S a Mhoire, Mhoire, Mhàthair
Gu dè nì mise màireach
Tha fios a'm gum bi bhànrainn
A' fàgail a beachd"
Gun tuirt e 's dath a' bhàis air
"Cha chreidinn-sa gu bràth e
Gu togadh fear bho làr i
Nach b' àirde na speach
Tha rudeigin an dàn dhomh
'S gun cuidicheadh an tÀgh mi
Bha' n duine thug à sàs i
Cho làidir ri each"