Julie Fowlis - Bothan Airigh Am Braigh Raithneach 歌词

Gur e m' anam is m' eudail
chaidh an-dè do Ghleann Garadh:
fear na gruaig' mar an t-òr
is na pòig air bhlas meala.

O hi ò o hu ò, o hi ò o hu ò,
Hi rì ri ò hu eile
O hì ri ri ri ò gheallaibh ò

Is tu as fheàrr don tig deise
de na sheasadh air thalamh;
is tu as fheàrr don tig culaidh
de na chunna mi dh' fhearaibh.
Is tu as fheàrr don tig osan
is bròg shocrach nam barrall:
còta Lunnainneach dubh-ghorm,
is bidh na crùintean ga cheannach.

An uair a ruigeadh tu 'n fhèill
is e mo ghèar-sa a thig dhachaigh;
mo chriosan is mo chìre
is mo stìomag chaol cheangail.

Thig mo chrios à Dùn Eideann
is mo bhrèid à Dùn Chailleann,
gheibh sinn crodh as a' Mhaorainn
agus caoraich à Gallaibh.

Is ann a bhios sinn 'gan àrach
air àirigh am Bràigh Raithneach.
ann am bòthan an t-sùgraidh
is gur e bu dùnadh dha barrach.

Bhiodh a' chuthag 's an smùdan
a' gabhail ciùil duinn air chrannaibh;
bhiodh an damh donn 's a bhùireadh
gar dùsgadh sa mhadainn.
这个歌词已经 334 次被阅读了