James Graham - Cumha Alasdair Dhuinn 歌词

'S trom an luchd so th' air m' inntinn
Agus m' uirsgeul r' a innse gur truagh
Thriall mo shùgradh 's mo mhànran
Lìon tùise 'na àite mi 's gruaim
Tha mo choill air a maoladh
'S nì soilleir a shaoil air mo ghruaidh
'S tearc mo shocair r' a fhaotainn
O' n là ghlacadh le aog thu cho luath

'S ann a' cheud là do 'n earrach
Bhuail an t-eug orm, an spealadair lom
Bhrist air ubhlan mo ghàrraidh
Leag e m' abhall fo bhlàth bharr a bhonn
Riumsa bhuin e neo-fharasd
Nuair thug e uam Alasdair Donn
Mo chruas iomart 's mo charrachd
'S truagh dhuinne nach tearainn sinn bonn

'Se do chàradh fo eislig
Rinn mo chràladh fo asnach mo chlèibh
Chuir mo chrìdh as a chochall
Chor 's nach suidhich e socair 'na dhèidh
Gura luaithe e le bhuillean
Na mar ghluaiseas an duilleach air ghèig
Chaidh mo shlàinte gu mearan
Chan eil feum bhith 'ga ghearan ri lèigh

Thriall gach socair bha agam
Chaidh mo chòmhnaidh 's mo chadal an lugh'id
Tha leann-dubh agus airtneal
Gam tharruing gu leabadh nam shlaod
'Gam shìor ruagadh 'nam shlapan
Dh' aindeoin cruadail na tapaidh g' am faod
Tha mo ghuala gun taice
O'n là bhuaileadh tu 'shlacan an aoig
这个歌词已经 611 次被阅读了