Anna Murray - Saoil A' Mhór 歌词

Sèist:
Saoil a mhòr am pòs thu?
Saoil am pòs thu fiullaigean?
Saoil a mhòr am pòs thu?
Theireadh gu leòr nach b' urrainn dhut

'S beag a bha dùil aig do mhàthair
Gur h-ann do dh' arnol a chuirt' thu
An deidh cho grinn 's a bha thu
Air do shnàthaid mhuslin

Ged a bha fiullaigean spàgach
Dheanadh e ceàrd a h-uile fir
Chuireadh e craobh ann an gàradh
Chuireadh e càl is curranan

Thog e tigh-geal ann an arnol
Anns an robh àird' neo-chumanta
Staidhrichean cama le sgàthain
Chun an ruim àird' aig fiullaigean

'Nuair a thig luingeas na bàn-righ
Nall air an t-sàl le gunnachan
Thig iad a steach a loch arnoil
Dh' fhaighneachd càit' eil fiullaigean

Thainig litir a nall as an fhraing
Is t' eile nall á ruisia
Paipearan feadh na roinn-eòrp'
Ag innseadh mu phòsadh fhiullaigein

(Sèist 2x)
这个歌词已经 424 次被阅读了