Anna Murray - Gad Ionndrainn 歌词

Nach mis' tha gu trom
Glas chiamhaig nam cheann
Tha mi brist', tha mi aonranach brònach
Oir tha màthair mo chloinn
Bean mo ghaoil is mo mhnaoi
Anns a' chladh air an aoidh fo na fòidean

Cha thuig duine gu bràth
Meud mo mhulaid 's mo chràdh
Tha mo chlann air am fàgail gun mhàthair
Chan eil madainn no oidhch'
Nach bi mi ga caoidh
Air a son shil mi deòirean gun nàire

Tha an sgiath a bha blàth
Air a càradh 's na clàir
'S bha do bhàs dhuinn mar deireadh an t-saoighail
Oir tha'n dachaigh 'bha blàth
Lan gaol agus gràdh
Air a creachadh, 's na ballan air sgaoileadh

Cha teid mionaid do bhàis
As mo chuimhne gu bràth
Bha do chlann air do chùram nad éiginn
Nuair a dhùin mi do shùil
Bu ro bhòidheach do ghnùis
Mar an ròs fon an driùchd anns a' chéitein

Tha mi cinnteach, a luaidh
Gu bheil thu 'm pàrras ud shuas
Tha na dh' fhuiling thu nis air do chùlaibh
Gus an dùin mi mo shùil
Anns a' chadal nach dùisg
Ga d' ionndrainn bi mi, is toirt cliù dhuit
这个歌词已经 581 次被阅读了