Hóró hù-ó mo nigh'n donn
Haori hiu-o nigh'n donn bhòidheach
Hóró hù-ó mo nigh'n donn
'N déidh dhomh seòladh tro chaol muile
'S ann a chunnaic mi 'n té leòn mi
'S ann a seòladh tro chaol ile
B' fheadar duinn bhi dìobradh sheòla
Carson a bhios mi riut a' mire
'S fear eile sireadh do phòige
Fear eile mire ri m' ghruagaich
'S mis air bhàrr nan stuadh a' seòladh
Fear eile mire ri m' mhaighdinn
'S e do chaoimhneas rinn mo leònadh
Shaoilinn nach gabhadh tu banntrach
Fhad 's bhoidh geall aig giulan òg ort
Shaoilinn nach gabhadh tu tàillear
Fhad 's a chàrainn fhìn do chòta
Shaoilinn nach gabhadh tu ghreusaich'
Fhad 's a dheannain fhìn do bhrògan
Shaoilinn nach gabhadh tu buachaill'
Bhiodh snidh' air a ghruaidh an còmhnaidh
Shaoilinn nach gabhadh tu cìobair
Fhad 's a bhithinn fhìn an tòir ort
Этот текст прочитали 1136 раз.