Ruith sa mhonadh, ruith nam beann
'S mar sin dhan sgoil aig deireadh samhraidh
Nar clann aig coig bliadhna dh'aois
Gun facal beurla nar ceann
"Seo do leabhar, seo do pheann
Dean do leasan," thuirt iad riumsa
"'S gun èirich sibh suas anns an t-saoghal
'S gheibh sinn air adhart ann"
Fichead bliadhn' airson fìrinn
B'fheudar dhomh feithreamh, b'fheudar dhomh lorg
Fichead bliadhn' de bhriagan
Thug iad eachdraidh air falbh bhuainn
Dh' ionnsaich sinn a leithid ann
Cànan 's bàrdachd, bàrdachd bheurla
Ceòl na ghearmailt, eachdraidh na spainnt
'S b' e sin an eachdraidh mheallt
Bhon sgoil don oilthaigh chaidh sinn ann
A' leantal foghlam, tuilleadh foghlam
Mar amadan air deireadh streang
Seorsa de dh'fhoghlam nam cheann
Ach dh'èirich mi suas anns an t-saoghal
Fhuair mu deise 's fhuair mi lèine
Fhuair mi àit' ann an sùilean dhaoin'
Fada bhon mhonadh mi 'n dràsd
Carson a chum iad eachdraidh bhuainn?
Innsidh mi dhut, tha iad gealltach
Mas eirich clan nan gàidheal suas
Le ceistean sireach is cruaidh
Nuair a thòisich mi air lorg
Cha do chreid mi mo shuilean, obair olc
Fichead bliadhn', fichead bliadhn'
Fichead bliadhn' 's mi aineolach
Fichead bliadhn'
Этот текст прочитали 703 раз.