Hóireann ó ha i iù a
Hiù ra bhó ra hug éile
Hóireann ó ha i iù a
Chaigh am bàta sios an rubha
'S i ni siubhal fo làn eudadh
'S e mo leannan làmh ga stiùireadh
S chan eil cùram orm m'a déidhinn
'S e mo leannan làmh ga stiùireadh
Ged a bhiodh muir-cùil ag éirigh
Cuir mo stiùir a lamh a' Leòdaidh
Air 'm bu shuarach stòp gin eubhair
Air 'm bu shuarach botul branndaidh
As a' gheamhradh n' àm na feuma
Air 'm bu shuarach pinnt is botul
As an tocasaid is céir oirr'
Chuala mi mach bhon a' bhaile
Gu robh mo leannan a' rèiteach
Chuala mi sin's rinn mi gàire
'S e thuirt càch gum b'fheàrr dhomh éisdeachd
'S dìombach mise dha do mhàthair
A chum sinne, ghràidh, bho chéile
Nach do leig dhan t-seòmbar àrd sinn
A thoir ar làmhan dha chéile
'S truagh nach robh mi le mo roghainn
Leathad beinne 's aghaidh gréin oirr'
'S gun neach a bhith oirnne fagaisg
A dh'aithreasadh oirnne sgeulan
'S gun neach a bhith oirnne fagaisg
Ach na rionnagan 's na reultan
Этот текст прочитали 806 раз.