Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle
Cha'n fhaod mi innse mar tha e
Tha mo bhreacan-sa fo'n dìle
Tha mo bhreacan gu fluich, fuarraidh
Cha ghabh e cur suas am maireach
Tha mo bhreacan gu fliuch salach
Cha'n fhaod mi fuireach ri fhàsgadh
Tha mo bhreacan air a mhilleadh
Aig na gillean anns' a bhàta
Bidh mi 'maireach 'dol a sheòladh
Cha'n ann air m'eòlais a tha mi
'Dol a dh'eilean nan eòin fiadhaich
Cha robh duine riamh a'tamh ann
'Dol a dh'eilean nan eun dubha
Cha bhidh mi subhach no sàmhach
Thoir mo shoraidh do Ghleann-Lochaidh
Far an robh mi òg gu'm àrach
Far am faighte gruagach bhòidheach
'G iomain bhò gu bealach àiridh
'Tha na nighneagan 'an gruaim rium
Bho'n a fhuair mi'n còta-sgàrlaid
Fhuair mi paidhir bhrògan ùra
Boineid dhubh-ghorm 'us coc àrd innt'
Этот текст прочитали 625 раз.