Hao ro ri o, rathaill o
Rathaill o, rathaill o
Hao ro ri o, rathaill o
Mo nighean donn as bòidhche
An oidhche bha mis' air chuan
Shil 'is shéid i, dh'fhás i fuar
Dhòmhsa b' fheudar bhi dhol suas
Mo thruaighe 's gun mi eòlach
Thuirt e rium a dhol dh' an chrann
Thuirt mi-fhéin nach d'rachainn ann
Thuirt e, "Feumaidh tu dhol ann
Gur siod a gheall thu dhòmh-sa"
Chaidh mise an sin suas
Rinn mi' n topsail chur mun cuairt
'S thuirt e rium nuair thàin' mi nuas
Nach robh e uamhaidh bòdhach
"Mur a bheil," thuirt mi-fhéin
"Seo fear nach seall 'n a dhéidh
Ged a rachadh e dh'an speur
'N a riobannan 's 'n a ròpan"
Théid mi sios gu ceann Loch Mhéinn
Far bheil d' athair 'gabhail táimh
'S gus a faigh mi thu air làimh
Gu bràth cha dean sinn pòsadh
Théid mi sios gu àit' an t-sagairt
'S théid ar n-éigheach air an altar
'S mur tig sian sam bith 's an rathad
Thig sinn dhachaidh pòsda
Этот текст прочитали 379 раз.