Mairi MacInnes - Fear A Bhata Тексты

'S tric mi sealltainn o'n chnòc a's àirde
Dh'fheuch am faic mi fear a bhàta
An tig thu'n diùigh no'n tig thu màireach
'S mur tig thu idir gur truagh a tà' mi

Fhir a bhata 'sna horo eile
Fhir a bhata 'sna horo eile
Fhir a bhata 'sna horo eile
Mo shòraidh slàn leat 's gach àit an teid thu

Tha mo chridhe-sa briste brùite
'S tric na deóir a ruith o'm shùilean
An tig thu nochd no'm bi mo dhùil riut
No'n dùin mi'n dorus le osna thùrsaich

Gheall mo leannan dhomh gùn dhe'n t-sìoda
Gheall e siod agus breacan rìomhach
Fainn òir anns an fàiginn iomhaigh
Ach 's eagal leam gun dean e di-chuimhn'

Bidh mi tuille gu tùrsach deùrach
Mar eala bhàn 's an déigh a reùbadh
Guileag bàis aic' air lochan feùrach
Is cach uile an déigh a tréigsinn
Этот текст прочитали 216 раз.