Bliadhn' mun àm sa dh'fhalbh
Fada bhuam rùn mo chrìdh'
Gus an cuairtich e an saoghal
Cha bhi dùil ris air ais anns an tìr
Nuair a chì mis' e rithist
Nach mi nì an ogag 's an gaol
Le pòg na blas mil
O jimmy mo mhìle stòr
Bidh mo mhàthair 's m' athair
A' gearain 's a' trod rium a' strì
Tha mi sgìth 's mi claoidhte
'S mi searbh 's mo bheatha gun sìth
Thug mi gaol dhan fhear fhlathail
Gun iarraidh thug mise dha pòg
'S chaidh esan a sheòladh
O jimmy mo mhìle stòr
Thig mise dhan choille
'S caithidh mi ann cuid mhath dhem shaogh'l
Gun ghuth ann ri chluinntinn
Ach ceòl binn bho cheileireadh eòin
Aig cas nan craobh chaorainn
Far 'eil fhùraichean fàs ann gu leòr
Thug mi ghaol dhan fhear fhlathail
O jimmy mo mhìle stòr