Julie Fowlis - Moladh Uibhist Тексты

Gur tu mo bhean chomain
A chagair 's a ghaoil
Bha dualchas ud againn
Bhith gu h-amaideach faoin
Cha b' fhada leam seachdain
A bhith 'n taice ri m' ghaol
'S mi nach iarradh do leaba
A bhith againn ach fraoch

Fìor thoiseach an t-samhraidh
Ghabh mi geall ort is miagh
B' fheàrr dhòmh-sa san àm sin
Nach do theann mi ris riamh
Aig a' mheud 's thug mi ghaol dhut
Gun do chaochail mo neul
'S b' fheàrr a-nochd bhith riut sìnte
Na mìle bò chiar

'S ann am Bràigh Innis Ruairidh
Tha mo luaidh de na mnàth
Te na gorm shùilean meallach
'S a' bhroillich ghil bhàin
Cheart cho cìnnteach 's tha 'm bradan
Air an aigeal a' tàmh
Thug mi 'n gaol cha ghaol brèige
Dhan euchdaig ghil bhàin

Cha tug thu dhomh reusan
Air cuir sìos air do chliù
Ged a bhithinn ga iarraidh
'O do bhialamh gu d' chùl
Bha thu sìobhalta riamh rium
'S bha do bhriathran rium ciùin
'S bidh mo chridh' ann an tòir ort
Ged bhiodh tu pòsda ri triùir

Tha mi nisd a' dol dhachaigh
'S tha mo leannan nam dhèidh
'S mi gun aithnicheadh mo chruinneag
Ann an cruinneachadh ceud
Beul meachair ni mànran
Cùl fàinneach donn rèidh
Mala chaol mar an ite
Thig o sgiath an eòin lèith
Этот текст прочитали 863 раз.