Flora MacNeil - Mo Dhòmhnullan Fhèin Тексты

Nuair chruinncheas an òigridh
Gu mire 's gu sòlas
Bidh mise nam ònar
An seòmar gun ghleus
A' cuimhneachadh còmhradh
A fhleasgaich a leòn mi
's an gaol thug mi òg
Do mo dhòmhnullan fhèin

Bidh m'athair 's mo mhàthair
Ri gearain 's ri cràmhan
A cantainn nach fheàrr mi
Na pàisde gun chèill
Mo ghaol thoirt a dh'òigfhear
Bhios daonnan a seòladh
'sa sgaoileas a stòras
Gun ghò ris gach tè

Nuair thachradh an còmhlan
's a'chlachan didòmhnaich
Nam measg cha robh òigfhear
Cho còmhnard na cheum
Cho beusail 'na chòmhradh
Cho fearail na dhòighean
Bhiodh sùil aig gach òigh
Air mo dhòmhnullan fhèin

Tha dualagan bòidheach
Dhe d' chuailean 'nam phòca
Do dhealbh air a còmhdach
Le òr ann an cèis
Do shùilean cho beò leam
Do ghruaidh mar na ròsan
Ag ùrachadh dhòmhsa
Mo dhòmhnullan fhèin

Tha bliadhn' agus còrr
Bho na thriall e 'o eòlas
's tha iomhaigh cho beò leam
's ged sheòladh e 'n dè
Cha ghèill mi do dh'òigfhear
's cha chèill mi na bòidean
Na gaol a thug mi òg
Do mo dhòmhnullan fhèin
Этот текст прочитали 413 раз.