Gur e mise tha fo mhulad
'S mi air tulaich na h-àirigh
Hò rò 's na hù ò
Falbh ho rò n-àill u
Hò rò 's na hù ò
'S mi ri coimhead na mara
Ag cur thairis a'bhàta
'S mi ri coimhead nan gillean
Air an linnidh 'g am bàthadh
Mo thriùir bhràithrean ann 's m'athair
Fear mo thighe 's e chràdh mi
Bàs Aonghnuis a Barraidh
Gur e sgar is a chràdh mi
Chuir 'ad léine de'n anart
Gun bhannan mu d'bhràghad
Ann an cistidh chaoil, chumhaing
Air a dubhadh 's a tàirneadh
Och nan och mar tha mise
Bean gun mhisneach gu bràth mi
Té gun mhac, gun fhear taighe
Té gun aighear, gun slàinte
Bu şarkı sözü 503 kere okundu.