Soraidh bhuam far chuan is beannachd
Chun an àite as àille sealladh
Far an d'ionnsaich mi 'nam phàisde
Cainnt mo mhàthar Gàidhlig Bharraidh
Gura tric a bhios mi smaointinn
Nuair a bha mi òg 'smi faoin
'Buain nan ròs a-mach 'san aonach
Ris na caoirich taobh nan gleannan
Ach nam bithinn pailt de stòras
Rud nach bi mi fad 's is beò mi
Sud an tìr 'san dèanainn còmhnaidh
Far an d'fhuair mi òg am bainne
An tìm an earraich bidh gach iasgair
'Mach le bàtaichean 'san Iar ann
Sud an sealladh leam bu bhreagha
'N am nan lion a bhith 'gan tarruing
An tìm a'gheamhraidh leam bu shanntach
'Bhith a-measg nan òigearan bannda
Bhiodh òl ann is ceòl is dannsa
'S dram cha bhiodh oirnn gann mu Nollaig
Bu şarkı sözü 177 kere okundu.