Théid is gun téid e leam
Leam-sa gun téid mo leannan
Théid is gun téid e leam
Théid mo leannan leam a phòsadh
Dh'aindeoin 's na tha beò 's na chailleadh
Théid mo leannan leam a sheòladh
Luingeas mhór na' ròpan fada
Seòlaidh sinn a-null air fairge
'S fàgaidh sinn aig alba beannachd
Théid e leam a-null air chuantan
Far nach toir 'ad bhuain a' fearann
Mar a nìthear na'r dùthaich
'S fheudar cùl thoirt dhith dh'ar n-aindeoin
Buailibh luaidhibh an clò
'Son briogais phòsda dha mo leannan
Buidhe, buidhe mar a' sìthean
Fear dhan tug mi fhìn mo ghealladh
This lyrics has been read 1611 times.