Mairi MacInnes - Tuireadh Mhic Criomain Lyrics

Dh' aidh cèo nan stùc mu aodann chuilinn
'Us sheinn a' bheinn-shith a torman mulaid
Gorm shuilean ciuin san Dun a' sileadh
O'n thriall thu bhuainn 's nach till thu tuille

Cha till, cha till, cha till Maccrimmain
An cogadh no sìth cha till Maccrimmain
Le airgiod no ni cha till Maccrimmain
Cha till e gu bràth gu la na cruinne

Tha osag nam beann gu fann ag imeachd
Gach sruthan 's gach allt gu mall le bruthach
Tha ealtainn nan speur feadh geugan dubhach
A caoidh gu'n d'fhalbh 's nach till thu tuille

Cha chluinnear do cheòl san Dun mu fheasgar
'Smac-talla nam mùr le muirn ga fhreagairt
Gach fleasgach us òigh, gun cheol gun bheadrach
O'n thriall thu bhuainn, 'snach till thu tuille
This lyrics has been read 198 times.