O 's ann tha mo ghaol-sa thall
Fo dhubhar nan craobh 's nam beann
Sgiobair thu air long nam ball
'S ann tha m'annsachd air a mharaich'
O 's ann tha mo ghaol-sa thall
Dh'aithnichinn thusa fada bhuam
Togail do shùil air a'chuan
'S ged a shèideadh i on tuath
Bhiodh tu luaidh am bàrr a crannan
'S e mo cheist an gille donn
Theid do chrannagaibh na luing
Dh'fhàg thu mo chridhe-sa trom
Mar chloich ann an gleann nach caraich
Chan iarrainn airgead no sprèidh
No nì eile tha fon ghrèin
Ach mi dh'fhaighinn mo thoil fhèin
Shiùbhlainn rèidh le m'chèile-falaich
Gura mise tha fo ghruaim
'Nuair chì mi a'chlann-nighean uam
Cnot de ribeinean mun gruaig
'S mise cumail suas a'bharrain
Di-Dòmhnaich a gheall thu ghaoil
Mo choinneachadh anns an fhraoch
Dhòmhsa bha 'n gealladh ud faoin
Thug thu'n gaol's cha b'ann do dh'Anna
Cha do chreid mi mar aon
Gun robh t'aigne dhomh cho faoin
No gu'n tilgeadh tu mi thaobh
Mar gun tilgeadh craobh a barrach