Julie Fowlis - Ho Bha Mi, He Bha Mi (Ho I Was, He I Was) Lyrics

Hò bha mi, hé bha mi
O bha mar rithe
Ged a bha mi mar tha mi
Bha mo làmh air a' nighinn.
Bha 'n cù 's e sìor dhranndan
as a' cheann sa robh 'n nighean
Bha mise gam chrùbadh
sa chùil san robh 'n t-snighe.
Thuirt am bodach 's e 'g èirigh
as a lèine na shuidhe;
"Cò tha còmhl' riut, a Sheònaid?
A bheil thu 'd ònrachd a' bruidhinn?"
'S làbhair Seònaid ghrinn uasal
Air uachdar a cridhe
"Barail leam gur e bruadar
A ghluais sibh nur dithis."
This lyrics has been read 260 times.