Flora MacNeil - A' Bhean Iadach Lyrics

A bhean ud thall hug o
Cois na tràghad hug o
Sìn do chas dhomh haoiri horo
Sìn do làmh dhomh hug o

Sìn do chas dhom hug o
Sìn do làmh dhomh hug o
Fiach an dèan mi haoiri horo
Buille snàmh dheth hug o

Fiach an dèan mi hug o
Buille snàmh dheth hug o
Nach truagh leat fhèin haoiri horo
Bean ga bàthadh hug o?

Nach truagh leat fhèin hug o
Bean ga bàthadh hug o?
Cha truagh cha truagh haoiri horo
'S beag mo chàs dhith hug o

Cha truagh cha truagh hug o
'S beag mo chàs dhith hug o
Sann a bhios mi haoiri horo
Nochd na'd àite hug o

Sann a bhios mi hug o
Nochd na'd àite hug o
Ann ud phlaideachan haoiri horo
Mìne bàna hug o

Ann ud phlaideachan hug o
Mìne bàna hug o
Soraidh bhuam haoiri horo
Gu'm thriùir phàisdean hug o

Soraidh bhuam hug o
Gu'm thriùir phàisdean hug o
Fear dhiu bliadhna haoiri horo
'S fear a dhà dhiu hug o

Fear dhiu bliadhna hug o
'S fear a dhà dhiu hug o
'S fear eile dhiubh haoiri horo
'N aois a thàlaidh hug o

'S fear eile dhiubh hug o
'N aois a thàlaidh hug o
Soraidh eile haoiri horo
Gum' thriùir bhràithrean hug o

Soraidh eile hug o
Gum' thriùir bhràithrean hug o
Thig iad an seo haoiri horo
Moch a-màireach hug o

Thig iad an seo hug o
Moch a-màireach hug o
'S gheibh iad mise haoiri horo
Air mo bhàthadh hug o

'S gheibh iad mise hug o
Air mo bhàthadh hug o
Mo chuailein donn haoiri horo
Feadh an t-sàile hug o

Mo chuailein donn hug o
Feadh an t-sàile hug o
'S mo bhainne chioch haoiri horo
Feadh na làthaiche hug o
This lyrics has been read 399 times.