Rachel Walker - Tha Na H-uain Air An Tulaich Songtexte
Tha na h-uain air an tulaich
A' mireag san fhraoch
Tha na caorainn a fàs
Agus blàth air gach flùr
Tha na caorainn a fàs
Agus blàth air gach flùr
'S tha an luingeas
A' seòladh nan cuantan
Bean na bainnse 's a cuideachd
Don eaglais a' falbh
Ise marcachd air thoiseach
'S a cruth mar an dealbh
Agus gille ga leantainn
Gur trom airsneulach falbh
'S a ghràidh
Dol a phòsadh fear eile
Aig an altair na seasamh
'S a fear-pòsda ri taobh
Cur an fhàinne mu meòir
'S a' toirt bòidean a ghaoil
Thuirt an gill' air a shocair
"Mo ghràdh dhut chan aom
Ged a tha thu
Nis pòsd' aig fear eile"
"Cladhaich m'uaigh," thuirt an gille
"Far am faigh mise tàmh
Cuir na fliùran oirr' thairis
'S bheir an t-earrach oirr' fàs
Agus sìn mi fon ghlasraich
Far an laigh mi gu bràth
Cha chuir nì
Ach am bàs I às m'aire"
Tha na h-uain air an tulaich
A' mireag san fhraoch
Tha na caorainn a fàs
Agus blàth air gach flùr
Tha na caorainn a fàs
Agus blàth air gach flùr
'S tha an luingeas
A' seòladh nan cuantan
Tha na h-uain air an tulaich
A' mireag san fhraoch
Tha na caorainn a fàs
Agus blàth air gach flùr
Thuirt an gill' air a shocair
"Mo ghràdh dhut chan aom
Ged a tha thu
Nis pòsd' aig fear eile"