Rachel Walker - Mo Rùn Geal Òg Songtexte

Och a theàrlaich òg stiùbhart
'S e do chùis rinn mo léireadh
Thug thu bhuam gach nì bh'agam
Ann an cogadh ad adhbhar
Cha chrodh is cha chaoraich
Tha mi caoidh ach mo chéile
On là dh'fhàg e mi 'm aonar
Gun sìon san t-saoghal ach léine
Mo rùn geal òg

Có nis thogas an claidheamh
No nì chathair a lìonadh?
'S gann gur h-e tha air m'aire
O nach maireann mo chiadghradh
Ach ciamar gheimhinn o m'nàdur
A bhith 'g àicheadh nas miann leam
Is mo thogradh cho làidir thoirt
Gu àite mo rìgh math
Mo rùn geal òg

Bu tu 'm fear mór bu mhath cumadh
O do mhullach gu d' bhrògan
Bha do shlios mar an eala
'S blas na meal' air do phògan
D'fhalt dualach donn lurach
Mu do mhuineal an òrdugh
'S e gu camalubach cuimir
'S gach aon toirt urram d' a bhòidhchead
Mo rùn geal òg

Bu tu 'm fear slinneanach leathainn
Bu chaoile meadhan 's bu dealbhaich
Cha bu tàillear gun eòlas
Dheanadh còta math gearra dhut
No dhèanadh dhut triubhais
Gun bhith cumhang no gann dhut
Mar ghealbhradan do chasan
Le d' gheàrr osan mu d' chalpa
Mo rùn geal òg

Gura mise th' air mo sgaradh
'S ged do chanam cha bhreug e
'S iomadh té bha na banntraich
Nach d' fhuair samhla dha m' chéile
Fear do chéille 's do thuigse
Cha robh furasd' ri fheutainn
'S cha do sheas air cul lodair
Fear do choltais bu tréine
Mo rùn geal òg

Och nan och, gur mi bochdag
'S mi làn osnaich an còmhnaidh
Chaill mi dùil ri thu thighinn
Thuit mo chridhe gu dòrtadh
Cha tog fidheall no clàrsach
Pìob no tàileasg no ceòl e
Nis o chuir iad thu 'n tasgaidh
Cha dùisg caidreabh duin' òig mi
Mo rùn geal òg

Bha mi greis ann am barail
Gum bu mhaireann mo chéile
Is gun tigeadh tu dhachaidh
Le aighearr 's le éibhneas
Ach tha 'n t-àm air dhol thairis
Is chan fhaic mi fear d' eugaisg
Gus an téid mi fo'n talamh
Cha dealaich do spéis rium
Mo rùn geal òg
Dieser text wurde 699 mal gelesen.