Mary Jane Lamond - An Gaidheal Am Measg Nan Gaidheal Songtexte

O a ruin, gur a tu th' m'aire
O a ruin, gur a tu th' m'aire
Tu-fhein a ruin, gura tu th'air m'aire
Gur e do shugragh tha tighinn fainear dhomh

Cha togar fonn leam ach trom th'air m'aineol
Cha dean mi òran 's an doigh bu mhath leam
Gur mi bha gorach, nuair thug mi gealladh
Dh'an nigheag oig a th'an comhnuidh 'n Canna

Gur mi bha stàiteal nuair dh'fhàg mi Ailean
A'togail gàradh, 'sa càradh beulach
Gum b'fheàrr bhith ann airneo 's meallt mo bharail
Na bhith 'san àm seo 'san taing nan Gallaibh

Nuair nì sinn gluasad Dìluain dh'an bhaile
Bha bodaich Gallt ann a gheall ar meallachd
Cha tuig mi nàduir le cànan Gallaich
Tha mise dall gun an càinnt am theangaidh

Thoir soiridh bhuamsa thar cuan dh'a m' leannan
Is innsaibh fhein dhi gu bheil mi fallain
Gu bheil mi'n drast ann an Cader Parish
'S gu deachaidh Gàidhlig an àite seallaidh

'S tu Chatriona, tha tighinn air m'aire
Gur e do stòras a rinn mo mhealladh
'S tu bhith bòidheach, gun bhosd, gun bharrachd
Dh'en fhine mhòr 'o MhacLeoid na Hearradh
Dieser text wurde 567 mal gelesen.