Maggie MacInnes - Oran Na Bantraich Songtexte

Gur a mis tha fo mhulad
Air tulaich na h-airidh

Ho o ro o hug o o
Falabh o ro ho o na liu
Ho o ro o liu lo o

'S mi 'g amharc nan gillean
Air a linnidh gam bathadh

Mo thriuir bhraithrean is m' athair
Fear mo thighe se chraidh mi

Bas aonghuis a barraidh
A sgar mi 's a chraidh mi

Bhith gad thogail on tiurra
Far 'n do bhruchd a' mhuir lan thu

Bhi gad ghiulain aig fearaibh
Gu baile na traghad

Gu eaglais na triannaid
Far am bu lionmhor do chairdean

'S ann air latha fheill-bride
Fhuair mi 'n dinneir a chraidh mi

Ged bu shunndach dhomh 'n nollaig
Bu neo-thoilicht a' chaisg dhomh

'S truagh a dhia mar tha mise
Bean gun mhisneachd gu brath mi

Te gun mhac, gun fhear taighe
Te gun aighear gun slainte
Dieser text wurde 771 mal gelesen.