Gura mise tha fo èislean
Ho ho ro ho gu
Hao ri u ri bho eile
Ho ho ro ho gu
Moch 'sa mhaduinn 's mi 'g èirigh
Chi mi 'n eilid sa cèile
'S iad a'mire ri chèile
A righ nach buidhe dhaibh pèin sin
Chan ionnan 's mar dh'èirich
Dhomh 's do dh'Iain Mac Sheaumais
Chuir iad thusa Ghleann Gèige
A bhuachailleachd sprèidhe
Agus mis' a Dhun Èideann
A dh'ionnsachadh Beurla
Agus Fraingis is Grèigis
Dieser text wurde 1124 mal gelesen.