Mo mhallachd aig na caoraich mhòr
Càit a bheil clann nan daoine còir
Dhealaich rium nuair bha mi òg
Mus robh dùthaich 'icaoidh na fàsach?
Tha trì fichead bliadhna 's a trì
On dh'fhàg mi dùthaich 'icaoidh
Cait bheil gillean òg mo chrìdh'
'S na nìonagan cho bòidheach?
Shellar, tha thu nist nad uaigh
Gaoir nam bantrach na do chluais
Am milleadh rinn thu air an t-sluagh
Ron uiridh 'n d' fhuair thu d' leòr dheth?
Chiad dhiùc chataibh, led chuid foill
'S led chuid càirdeis do na goill
Gum b' ann an iutharn' bha do thoill
Gum b' fheàrr Iùdas làmh rium
Bhan-diùc chataibh, bheil thu ad dhìth
Càit a bheil do ghùnan sìod?
An do chùm iad thu bhon oillt 's bhon strì
Tha an diugh am measg nan clàraibh?
Mo mhallachd aig na caoraich mhòr
Càit a bheil clann nan daoine còir
Dhealaich rium nuair bha mi òg
Mus robh dùthaich 'icaoidh na fàsach?
Dieser text wurde 669 mal gelesen.