Karen Matheson - Luadh An Toraidh Songtexte

Uair a bha an tir mar fhàsach,
Cha robh bròg a thogadh danns ann,
's gann am beul a sheinneadh duan ann,
Smior an dream mar ath-sgal tuamach.

Creid ar nàimhdean is an cumhachd,
Iad a dh'iarr ar muchadh buileach;
Ann an lagh is ann am foghlam,
Dhiùlt iad dhuinn ar cliù 's ar còirean

Seòlta mar a chaidh ar mealladh
Gu bhi measadh faoin ar teanga
Gus an robh i cnàmhte 's anfhann,
An impis a bhi suaint san anairt -

Thog sinn strì 's cha b'ann le fòirneart
Ach le fonn is ruighl' is òran
Cha b'e caismeachd tromh na sràide
Ach tromh a buadhan grinn, a ghàidhlig.

Seinn is seinn, o seinn a nàbaidh, mireadh chasan, o hi
Seinn as ùr i, ar seann chànan, binneas bhilean, o ho
Dieser text wurde 118 mal gelesen.