Karen Matheson - Chi Mi Bhuam Songtexte

Chi mi bhuam, fada bhuam
Chi mi bhuam ri muir-làn
Chi mi Muile nam beann fuar
Fada bhuam thar an t-sàil
Fada bhuam thar an t-sàil

Chi mi mullach nam beann mór
Anns an òg-mhadainn aigh
An t-aon as airde dhiubh nan còrr
'S badan ceò air a bàrr
Fada bhuam thar an t-sàil

Chì mi ghucag air an fhraoch
Chì mi'n caorann fo bhlàth
Chì mi uisge glan nam beann
Tigh'nn 'na dheann leis gach màm
Fada bhuam thar an t-sàil

Tir a' bharraich, tìr nan stuadh
'S tric a luaidh ort na bàird
'S nuair a thug mi riut mo chùl
Rinn mi dùsgadh gu dàn
'S bidh mi luaidh ort gu bràth

Chi mi bhuam, fada bhuam
Chi mi bhuam ri muir-làn
Chi mi Muile nam beann fuar
Fada bhuam thar an t-sàil
Fada bhuam thar an t-sàil
1
Dieser text wurde 132 mal gelesen.