A Mhairead òg, 's tu rinn mo leon
Gur cailean bhòidheach lurach thu
Gur guirme do sùil a' mhadainn chiùin
An dearc air chùl nan duilleagan
Gur guirme do sùil a' mhadainn chiùin
An dearc air chùl nan duilleagan
Gur gil' thu ghràidh na 'n sneachda bàn
A' cur air àird nam monaidhean
Gur gil' thu ghràidh na 'n sneachda bàn
A' cur air àird nam monaidhean
Och, 's i mo mhàthair rinn an call
Nuair chuir i shealg nan tunnag mi
Och, 's i mo mhàthair rinn an call
Nuair chuir i shealg nan tunnag mi
'S nuair ràinig mi an linne chaol
'S ann bha mo ghaol a' srùthladh innt'e
'S nuair ràinig mi an linne chaol
'S ann bha mo ghaol a' srùthladh innt'e
'S ann teid rinn dhomsa linne caol
Cha dean thu ghaol gi'n tuilleadh
'S ann teid rinn dhomsa linne caol
Cha dean thu ghaol gi'n tuilleadh
Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh
'S air leabaidh àird cha chuir iad mi
Air leabaidh làir chan fhaigh mi tàmh
'S air leabaidh àird cha chuir iad mi
Mi 'n diugh 's an dé air cnoc leam fhéin
A' sileadh dheur 's mi turaman
Mi 'n diugh 's an dé air cnoc leam fhéin
A' sileadh dheur 's mi turaman
O Rígh nan dùl cum rium mo chiall
Cha robh mi riamh 's a' chunnart seo
O Rígh nan dùl cum rium mo chiall
Cha robh mi riamh 's a' chunnart seo
A Mhairead òg, 's tu rinn mo leòn
'S tu dh'fhàg fo bhròn 's fo mhulad mi
Dieser text wurde 723 mal gelesen.