Chunnaic Rìgh Alba na shuain
'N aona bhean bu ghile snuadh fòn ghrèin
'S gum b'fheàrr leis tuiteam dha cion
Na còmhradh fir mar bha fhèin
'S gum b'fheàrr leis tuiteam dha cion
Na còmhradh fir mar bha fhèin
Labhair Fionn-Falaich ri fian
'Thèid mise 'ga h-iarraidh dhuit
Labhair Fionn-Falaich ri fian
'Thèid mise 'ga h-iarraidh dhuit
Mi fhìn 's mo ghille 's mo chù
Nar triùir a dh'iarraidh na mnà
Mi fhìn 's mo ghille 's mo chù
Nar triùir a dh'iarraidh na mnà
Seachd seachdainnean is trì mìos
A thùg sinn ri siubhal cuain
Seachd seachdainnean is trì mìos
A thùg sinn ri siubhal cuain
Ma facas fearann neo fonn
Aig an dèanadh an long tàmh
Ma facas fearann neo fonn
Aig an dèanadh an long tàmh
Steach gu iomall a' chuain ghairbh
Chunncas caisteal min-gheal gorm
Steach gu iomall a' chuain ghairbh
Chunncas caisteal min-gheal gorm
Bu lìonmhor uinneag is stuagh
Bu lìonmhor air cuach is corn
Bu lìonmhor uinneag is stuagh
Bu lìonmhor air cuach is corn
'N àm dhomh bhith teannadh ri bhun
Thàinig slabhraidh dhubh an nuas
'N àm dhomh bhith teannadh ri bhun
Thàinig slabhraidh dhubh an nuas
Cha d' ghabh mi eagal neo fiamh
Ghabh mi oirre nam ruith suas
Cha d' ghabh mi eagal neo fiamh
Ghabh mi oirre nam ruith suas
Chunncas a' bhean bhrèid gheal òg
Ann an cathair òir a-staigh
Chunncas a' bhean bhrèid gheal òg
Ann an cathair òir a-staigh
Stròl dhe'n t-sìoda fo dà bhonn
'S bheannaich mise dha ghùis ghil
Stròl dhe'n t-sìoda fo dà bhonn
'S bheannaich mise dha ghùis ghil
'Fhleasgaich a thàinig o'n chuan
'S fuar do bheannachadh oirnn
'Fhleasgaich a thàinig o'n chuan
'S fuar do bheannachadh oirnn
Teann nall do cheann air mo ghlùin
'S seinnidh mi dhuit cruit is ceòl
Teann nall do cheann air mo ghlùin
'S seinnidh mi dhuit cruit is ceòl
Cruit air uchd an aona-ghil ùir
'S guirme sùil 's gile deud
Cruit air uchd an aona-ghil ùir
'S guirme sùil 's gile deud
Thuit esan na shiorram suaint
Dèidh bhith cuartachadh chuain ghairbh
Thuit esan na shiorram suaint
Dèidh bhith cuartachadh chuain ghairbh
Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios
Thilg i dheth gun fhiosad' an ceann
Ghoid i 'n claidheamh geur fo crios
Thilg i dheth gun fhiosad' an ceann
Sin agaibh deireadh mo sgiùil
'S mar a sheinneadh am Bròn Binn
Dieser text wurde 368 mal gelesen.