Dan Ar Braz - Language Of The Gaels Songtexte

1 cha b' e sneachda 's an reòthadh bho thuath,
Cha b' e 'n crannadh fuar bho 'n ear,
Cha b 'e 'n uisge 's an gailleon bho 'n iar,
Ach an galair a bhlean bho 'n deas
Blàth, duilleach, stoc, agus freumh
Canan mo threubh 's mo shluaidh.

Séist: thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nam féinn,
Thig thugainn, thig co-rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann canan nan gaidheal.

2 far a nuas dhuinn na coinnleirean òir
's annt' caraibh coinlean geal ceir
Lasaibh suas iad an seòmair bhroin
Tìgh-'aire seann chanan a' ghae'l
's sud o chionn fhad' thuirt a namh
Ach fhathast tha beò canan a' ghae'l.

3 's iomadh gille thug greis air a' chuibhl'
's an du-oidhch' thog fonn gàidhlig a chridh
's iomadh gaisgeach a bhrosnaich 'sa bhlair
Gu euchd nuair bu teòtha bha 'n strì
O ghaidheil, o caite 'n deach t' uaill
'nad fhine 's 'nad chanan 's do thir.?

4 uair chite fear-feilidh 'sa ghleann
Bu chinnteach gur gàidhlig a chainnt
Ach spion iad a fhreumh as an fhonn
'n aite gàidhlig tha canan a ghoill
's a ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn
's tir mhajors is cholonels 'n diugh th' innt'.

5 o chanan ta leath ri mo chridh
M' aran m' amhlan is m' anal 's mo smior
's tu cho aosd ri fraoch-dosradh nam frith
Shloinneadh og leat beinn, leitear is sgur
Ghaidheil, 'gad easbhuidh, 's 'gad dhith
's clarsach aon-theud, is cuislean gun fhuil.

6 ged theich i le beath' as na glinn
Ged 's gann an diugh chluinntear i nis mo
O dhuthaich mhicaoidh fada tuath
Gu ruig thu druim-uachdar nam bo
Gigheal, dhi na eileanan siar
Bi na claimheamh 's na sgiath'n ud dhoirn.

7 ged nach chluinntear nis mo i 'san dun
No 'n talla-nan-cliar is nan còirn
Ged tha meòir chloinn'iccreumein gun luths
O 'n tric feasgair ciuin dhoirteadh ceòl
Gigheadh, anns na eileanan-siar
's i fhathast ann ciad chainnt an t-sloigh.

8 tha na suinn le 'm bu bhinne bha t' fhuaim
'nad linn thir nam fuarbeannaibh ard
Aig an druim anns na uaidhean nan suain
Suas air eirigh mo thruaigh tha nan àit
Eadhon siar ann an duthaich-mhicleoid
Linn og oirt a ghàidhlig rinn tair.
Dieser text wurde 455 mal gelesen.