Ailean duinn a nì 'sa nàire
O na hi ho rin o ho
Hi na hi ri hu o
'S goirt is daor gu phàigh mi mal dhut
Cha chrodh laoigh 's cha chaoraich bhàna
Ach an luchd a thaom am bàta
Bha m'athair oirre 's mo thriùir bhràithrean
Chan e sin gu lèir a chràidh mi
Ach am fear a ghlachd air làimh mi
Leathanach a bhroillich bhàn-ghil
Gur e mise bhios gu cràiteach
Nuair a ruigeas a sgeul do mhàthair
Their I gur e mise bhàth thu
Aig a mheud 'sa thug mi gràdh dhut
Bu şarkı sözü 732 kere okundu.